Browse in Gaelic: Romih-rßdh | A Cuir an Clar-bathair LeughSeo Gu Feum | Gßidhlig Cheap Breatuinn ß Eachdraidh | Tapadh Leibh | Ceanglaichean Fheumail Ghaidhlig | LeughSeo Clar

Browse in English: Introduction | Using the Catalogue | Gaelic in Cape Breton: A History | Thank You | Useful Gaelic Links | Leugh Seo Catalogue

Gßidhlig Cheap Breatuinn ß Eachdraidh

Nuair a bha mi ag obair air a'phr˛isect: LeughSeo: Gaelic Books in Cape Breton County Libraries, thainig ceistean an Óirde mu dheodheinn na Gaidhlig air an Gilean - mar a bha i, mar a tha i, agus an taobh a tha i dol. Chualas a'Ghaidhlig fad iomadh linn a measg nan Gaidheal ann an Ceap Breatainn. 'S ann as an t-Seann Duthaich a'thainig a'Ghaidhlig agus aig aon am, 's i bu chainnt-mhatharail d˛n mh˛r-chuid a thainig don Gilean. Ach dh'atharraich c¨isean re nam bliadhnaichean agus an diugh, tha moran deasbaid mu dheodheinn cor na Gaidhlig. Ciamar a tha 'chanan a'deanamh an diugh? De tha air thoiseach oirre? Si na ceistean a tha luchd-daimh a' faichainn nam freagairt 'san la'n diugh.

Anns an ochdamh linn dueg, thachair morana thug buaidh air beatha nan Gaidheal a bha fuireach air a 'Ghaidhealtachd agus anns na h-eileanan an Albainn.. Bha aramach nan Seumasach na adhbhar sgaraidh agus amhghair do mhoran. Bha deasbad creideimh eadar Caitligich agus Prostanaich. A bharrachd air an seo, bha uachdarain ag' ardachadh mail chom am fearann fhasachadh airson chaorach. Anns an oran aig Fear a Mhuinntir Mheinne, "Thied Sinn a dh'America," chi sinn gun robh graim aig na h'Eilthirich air an suidheachadh ach aig an aon am, bha dochas ur aca cuideachd:

Theid sinn a dh'America 'S gur h-e ar deireadh falbh ann; Marbhphaisg air na tighearnan, An ruith th'ac' air an airgiod; 'S fheÓrr le˛ baidein chaorach No'n cuid dhaoine 's iad fo Órmachd.

We shall go to America It is our destiny to go there; A plague on the landlords, with their greed for money; they prefer flocks of sheep to their own armed hosts.

Mar sin, bha moran Ghaidheal an toir air teicheadh gu tir ur an dochais. Bha fearann bhuapa nan ainm fhein a dh'fhaodadh iad aiteach mar a thogradh iad: duthaich far am biobh saorsa thaobh creideimh agus riaghlaidh. Sin a ghluais a'mhor-imrich gu Eilean Cheap Breatainn aig deireadh na h-ochdamh linn deug agus a leam air adhart gu anmoch anns an naoidheamh linn deug.

Eadar 1817 agus 1838, mheudaich Óireamh nan daoine ann an Ceap Breatainn bho 7000 gu faisg air 38,000 neach. B'e GÓidheil a Taobh an Iar Albainn a bh'annta cha mh˛r air fad. Thainig iad a Barraidh, Le˛dhas, Uibhist a Tuath is Deas agus thuirich iad nam b¨idhnean comhla. Chaidh na Barraidh taobh Shanndraigh: chaidh na Leodhasaich taobh BÓgh an Naoimh Anna: na Tuathaich mun cuairt air Aiseag Mhira agus na Deasaich mun cuairt air Mira Mh˛r. Anns gach aiteach, bha daoine glŔ thric a'gleidheadh an dual-chainnt a thug iad leotha as an t-Seann D¨thaich, gu ruige 's gun cluinneadh iad diofar dual -chainnt amach as an arainneachd fhŔin. Ann an cuid de dh'aiteachan, bhiodh duilgheadas aca a'tuigsinn a cheile gu h-iomlan.

Ge bith cait' an robhas a 'fuireach, bhiodh iomadh rud a 'dol air adhart gu tric far am biodh GÓidhlig 'ga cleachadh. Bhiodh GÓidhlig anns na h-Eaglaisean curbhalach: gach seachdainn, bhiodh ceilidh ann - am facal sin a tha cho bitheanta anns na meadhanan an diugh. Bhiodh ˛rain GhÓidhlig is ce˛l is eile aig gach ceilidh ach bhiodh a'chuid a b'fhearr a tachairt ' nuair a nochadh an seanchaidh, no fear nan sgeulachd. Dheanaidh esan aithris air iomadh sgeulachd a ch˛rdadh ris an luchd -Ŕisdeachd. Ghluais iomadh sgeul bho ghluin gu gluin tro mheadhoin na GÓidhlig. Bhiodh fŔill air oran GhÓidhlg aig bainnsean 's aig luaidh. Cuideachd, chaidh Comainn GÓidhlig a chur air bhonn ann an iomadh Óite GÓidhlealach chum cleachdadh na cÓnain a bhrosnachadh.

An Diugh

An deidh dhomh c˛mhradh ri fileantaich agus ri luchd-ionnsachaidh ann an Ceap Breatainn, tha e follaiseach nach eil suidheachadh na GÓidhlig cho laidir an diugh sa bha e anns na lÓithean a dh'fhalbh. Chan eil fios cinnteach cia mheud neach a bhruidhreas GÓidhlig anns an Eilean; their cuid gu bheil eadar tri is coig ceud neach ann, ach their cuid eile gu bheil suas ri mýle ann. Tha fios againn gu bheil deagh Óireamh GhÓidheal fhathast a'comhnaidh anns an Eilean. Agus a'bharrachd air an sin, tha ¨idhe anns a 'chanain a sýor fhÓs am measg luchd na Beurla.

Gheibh thu diofar adhbhair bho na GÓidheil 's bhon luch-ionnsachaidh a thaobh mar a chaith ¨idh anns a 'chanain a leasachadh o chionn ghoirid. Cluinnidh tu gu bheil meas air a'che˛l Cheilteach a 'sýor fhas. Tha luchd-ci¨il mar Ashley MacIosaig agus Natalie Nic a'Mhaighstir a'cur cuid de'n dualchas fhŔin mu choinneamh an t-saoghail. Tha moran a'sireadh nan daoine bhon dainig iad agus an dualchas fhŔin nuair a thuigeas iad cho cudthromach 'sa tha seo.

Tha seo a'toirt m˛ran gu bhidh 'g ionnsachadh na GÓidhlig. Thuir aon neach aig a bheil daimh don GhÓidhlig, "Bidh barrachadh ag iarraidh GÓidhlig ionnsachadh mar a shiubhias na seann GhÓidheil." Tha seo a togail trioblaid do dh'oileanaich nuair a dh'fhalbhas na fileantaich aig a bheil am fiosrachadh. Seo far a bheil beairteas an dualchais. 'S ann acasan a tha an dual-chainnt, na h-˛rain agus na sgeulachdan a thainig a nuas bho linn gu linn - cridhe agus smior na cÓnain. Ged a gheibhear cuid dhen dualchas seo sgriobhte agus air clÓr - 'se am facal fýor bhrýgh an cÓnain.

Aig an dearbh am sei, tha iomadh sgire a 'tabhann chlasaichean anns a'chÓnain. Tha clann sgoile ann am MÓbu ag ionnsachadh GÓidhlig agus tha c¨rsaichean ann an dualchas na GÓidhlig ri'n faotainn ann an Órd-sgoilean ann an Sidni agus ann am Sanndraigh. Ach chan eil GÓidhlig air a teagasg anns an fhior bhun-sgoil far am b'fhearr a thogadh iad i. Tha fŔisean air bhonn ged tha, ann an Óiteachan mar Eilean na Nollaig, MÓbu agus Gleann Dail far am faigh clann agus inbhich cothrom air canan is dualchas. A bharrachd air an seo, tha c¨rsaichean ann an canain 's an cultair air an tabhann ann an Colaisde Cheap Breatainn agus Oilthigh an Naoimh Fransaidh Xavier an Antigonis. Tha an t-eadar- lion 's compuitairean air luchd daimh na GÓidhlig a thoirr nas fhaisge air a cheile a ceithir rannan ruadh an domhainn. Mar sin, chithear gu bheil cothromab gu le˛r ann airson a'GhÓidhlig ionnsachadh. Ach, cha ghabh e Óicheadh gu bheil na seann GhÓidheal a'siubhal agus tha smior an dualchais a'sýolaadh leotha - a chÓnan.

Am MÓireach

Feumaidh grunn choisean atharrachadh ma tha a ' GhÓidhlig a 'dol a mhaireachdainn ann an Ceap Breatainn. Anns a'chiad Óite, tha na h-uile ag aideachadh gum feum a 'GhÓidhlig a bhith air tabhann don chloinn. Tha iad a 'creidsinn gum bu choir don chÓnan a bhidh anns na sgoilean, co dhiu far a bheil Órainneachd GhÓidhealach air an eilean. Ma bhios cothrom ionnsachaidh agus cleachdaidh aig a'chloinn sa'choimhearsnach bidh barrachd cothrom aig a'chÓnain air a bhith seo.

Anns an dara Óite, tha feum air barrachd airgid bhon Riaghaltas airson taic agus leasachaidh don chÓnain. Eadar f˛ghlam is turusachd, bhiodh barrachd GÓidhlig fa chomhair luchd-ionnsachaidh agus fhileantach. Seo mar seo a dheanamh gu luath, fhed 's a bhios GÓidheil air fhÓgail. 'S ann acasan a tha am fiosrachadh fiachail a dh'fheumas luchd-ionnsachaidh fhaotainn.

Am mair a'GhÓidhlig beo? Their cuid nach teirig a'GhÓidhlig gu brath fhad's a mhaireas leabhar-lannan agus Óiteachan tasgaidh amr an Leabhar Lann Ionadail agus Colaisde Cheap Breatainn. Tha d˛chas ann gum bi a'GhÓidhlig air a bruidhinn am measg an t-sluaigh an Ceap Breatainn - gum faigh a'chlann cothrom na cÓnain a bh'aig an sinnsir agus gum bi Ŕolas aig sluagh an domhainn an Ceap Breatainn mar GhÓidhealtachd bhuadh mh˛r ann an Amaireaga a Tuath. Suas leis a GhÓidhlig!