Browse in Gaelic: Romih-rádh | A Cuir an Clar-bathair LeughSeo Gu Feum | Gáidhlig Cheap Breatuinn á Eachdraidh | Tapadh Leibh | Ceanglaichean Fheumail Ghaidhlig | LeughSeo Clar
Browse in English: Introduction | Using the Catalogue | Gaelic in Cape Breton: A History | Thank You | Useful Gaelic Links | Leugh Seo Catalogue
A Cuir an Clar-bathair LeughSeo Gu Feum
ha an clàr-barhait Leigh Seo toir dhuinn liosta de leabhraichean ann an Leabharlann Roinneil Cheap Breatuinn agus Leabharlann Oilthigh Cheap Breatuinn. Airson a liosta a' chuir gu feum, faodaidh tu dòighean rannsachaidh an dà leabharlann a leantuinn. Tha ceangalaichean gu na duilleagan fiosrachaidh aca, againn dhuibh an seo.
Nuair a thig thu a-steach air a' chlàr-bathair, bi thu aig duilleag lorg an Leugh Seo. Faodaidh tu roghain-lorg a' dheanamh eadar ainm an leabhar, ainm an sgrìobhadair, no cuspair an leabhar. Cuir a-steach an stuth tha thu sireadh anns a bhogsa-lorg agus clioc air Dean Lorg/ Execute Search. Gheibh am prògram a h-uile nì tha ceangailte ris an roghainn-lorg agad, is cuiridh e suas iad air duilleag buil. 'S e ainmeannan na leabhraichean a bhios ga sealltain. Airson làn fiosrachaidh fhaighinn, clioc air an t-ainm tha thu lorg. Thig thu gu duilleag a tha sealltainn gach nì tha ri fhaodainn air a liosta - ainm an sgiobhadair, ainm an leabhar, cuspair an leabhar, an làthair agus an àireamh.
Airson leabhar fhaighinn, feumaidh a làthair agus an àireamh tha air a liosta bhi agad. Faodaidh tu an uairsin a dhol gu na ceangalaichean tha air duilleagan an Leabharlann Rionneil no Leabharlann na h-Oilthigh, a dh'fhaighinn amach dè na poileasaidhean iasadach a tha aca, agus ma tha na stuthan ri fhaotainn. Faodaidh duine sam bith nacheil ann an àrainn-frithealaidh na leabharlainn seo, a chuid mhòr dhe na stùthan a tha air an liosta, fhaighinn troimh eadar-iasadachd na leabharlainn. Their an leabharlann dùthchail agad-fhèin dhut fios air na dòighean eadar-iasadachd a tha aca.
